Tha Cabraich a toirt fiolmaichean ura gu buidhnean coimhearsnachd re na tri miosan a tha romhainn. 'S e sgriobhadairean, luchd fiolm agus cleasichean a Leodhas a rinn na fiolmaichean agus chaidh an claradh anns an Eilean cuideachd. 'S ann as an dualchas a thainig cuspair gach fiolm agus bha gach duine ag obair gu saor thoilleach airson an obair a cho-lionadh. Chaidh deich fiolmaichean a tha coig mionaidean a dh' fhaide a chriochnachadh. Chaidh an sealltainn an Grinneabhat am Bradhagair air 18mh Giblein, Ionad Shiabost Clann an La an De 28mh Giblein. Bidh na fiolmaichean rim faicinn am Ionad Bhreascleit aig Able Bodachs and Cailleachs agus aig Lunch Club, Comann Eachdraidh Nis an ath mhios An t-Og mhios. Chaidh na fiolmaichean a dheanamh le Uig Media agus Aignish Riots. Seo a bha aig neach amhairc ri radh:
"Chunnaic sinn taghadh mhìorbhailleach de filmichean goirid, uile dèante air an eilein le stiùirichean is cleasaichean a seo fhein.. A-measg an roinn seo bha gaireachdainn gu-leòr, clisg no dhà, is cuimhneachadh air tachartasan is dòighean-beatha tro eachdraidh an eilein. Chòrd na filmichean ris a h-uile neach a bha ann, cuide ri na h-òrain is a'meòrachadh annasach, mu Eilean Leòdhais. Ceud mìle taing do Chabraich is nach till sibh a rithist?"
Seo cuid de na fiolamichean Am/Aite, As d'aonais, Taigh Dhe, Iolaire, Taigh a Mhuirt, Fios Fithich, Gealladh a Bhard and Leabhar na BeathaTha cuid rim faicinn an seo air larach Uig Media